Doras Gun Chlàimhean

PRE-ORDER NOW!

Seo a’ chiad cho-chruinneachadh dà-chànanach de dhàin is òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, à Leòdhas a chaochail ann an 1982. Ann an Doras gun Chlàimhean gheibhear bàrdachd air cogadh agus eilthireachd, dùthchas agus dualchas, cho math ri cànan agus feallsanachd, le beagan fealla-dhà a’ togail ceann bho àm gu àm; tha a’ mhòr-chuid den bhàrdachd air eadar-theangachadh dhan Bheurla airson a’ chiad uair. Cuideachd anns an leabhar airson a’ chiad uair, tha cruinneachadh de sgrìobhaidhean eile leis a’ bhàrd; seanchasan agus litrichean, anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Cluinnear guth sònraichte a’ bhàird a’ seinn taghadh de na h-
òrain aige air clàr a tha an cois an leabhair.

Tha Doras gun Chlàimhean gu làidir a’ daingneachadh cliù Mhurchaidh MhicPhàrlain mar bhàrd, mar sheanchaidh agus mar fhear-coiteachaidh na Gàidhlig san fhicheadamh linn. Is iomadh ulaidh luachmhor a tha a’ feitheamh air gach neach a thèid tro dhoras phrìseil Bàrd Mhealaboist.

For the first time, a bilingual anthology of the poems and songs of the Gaelic poet Murdo MacFarlane from Lewis, the Melbost Bàrd, is available in one volume. In addition to his verse, which covers war, emigration, heritage, language and philosophy, a selection of MacFarlane’s other writings, in Gaelic and in English, is included. A CD featuring MacFarlane singing a selection of his Gaelic songs serves as a portal to the unique voice of the bàrd. The collection cements his standing as a celebrated Gaelic tradition bearer and language activist of the twentieth century and is a unique and valuable contribution to Gaelic literature.

£20.00Add to cart

More details →

Dachaigh

Bi Acair a' foillseachadh leabhraichean Ghàidhlig, Bheurla agus dà-chànanach cuide ri leabhraichean chloinne anns a' Ghàidhlig. Bheiribh sùil!

Posted on

Tachartas Cappuccino and Porridge

Còmhradh eadar an t-ùghdair Duncan MacKenzie agus manaidsear Acair Agnes Rennie is iad a’ bruidhinn air an leabhar ùr aige, Cappuccino and Porridge: https://fb.watch/42c6YKedf_/

Posted on

Tachartas airson Canna Schooldays

Manaidsear Acair, Agnes Rennie an còmhradh leis an t-ùghdar Kate Riley mu dheidhinn a leabhar, Canna Schooldays: https://fb.watch/45TSgErhqd/

Visit our Online Store to find out more

Our Best Sellers