A’ Bhòrd-stiùiridh

Tha Acair na charthannas clàraichte ann an Alba, fo stiùir bùird shaor-thoileach.

Dealbh de Seonag NicFhionghainn

Seonag NicFhionghainn

Cathraiche

Bha Seonag ag obair do Chomhairle nan Eilean Siar fad 37 bliadhna - an toiseach mar thidsear agus mu dheireadh na Stiùiriche air Roinn Foghlaim agus Seirbhisean Chloinne. Bho leig i seachad a dreuchd, tha i gu saor-thoileach an lùib Crossroads agus carthannas a tha a‘ cur taic ri foghlam ann an Ceann a Tuath Uganda. A bharrachd air sin, ‘s toil leatha a bhith a‘ coiseachd air a‘ bhlàr a-muigh, a bhith a‘ leughadh agus a‘ fighe.

Dealbh de Peigi NicIllinnein

Peigi NicIllinnein

Iar-chathraiche

’S i Peigi NicIllInnein Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich. Cheumnaich i aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean le ceum Cànan agus Cultar na Gàidhlig agus tha i air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach o 1999.

Dealbh de Emma NicLaomainn

Emma NicLaomainn

Urrasair

Tha Emma ag obair na preasantair air prògram ”Feasgar an-diugh” aig BBC Radio nan Gàidheal. ‘S ann à Uibhist a tha i ach tha i pòsta le dithis chloinne ann an Leòdhas agus iad uile, mar theaghlach, a‘ cur luach air leabhraichean Ghàidhlig.

Dealbh de Annella NicArtair

Annella NicArtair

Urrasair

Bha Annella ag obair aig roinnn na Gàidhlig aig a‘ BhBC airson faisg air 40 bliadhna ann a radio, le greiseag bheag ann an telebhisean, ag obair air a h-uile seòrsa prògram eadar naidheachdan agus ceòl ach ‘s e na prògraman far am faigheadh i ùine seanchas ceart fhaighinn le daoine bu mhotha a bha a‘ còrdadh rithe. Tha i air a bhith na leughadair bho a h-òige agus e a‘ toirt tlachd mhòr dhi. Bho sguir i a dh‘obair làn-ùine tha i air tòiseachadh ag iomradh, a‘ dol a-mach air baidhsagal agus a‘ dèanamh beagan obair saor-thoileach sa bhùth choimhearsnachd sa sgìre aice, a thuilleadh air a bhith trang sa pholycrub agus sa ghàradh.

Dealbh de Dòmhnall I Dòmhnallach

Dòmhnall I Dòmhnallach

Urrasair

Tha Dòmhnall ag obair le coimpiutairean. Tha e air a bhith ri fhaighinn le shròn ann an leabhar co-dhiù bho bha e 7—e air a bheò-ghlacadh cho mòr le Tintin in America nach robh cuimhne aige coimhead càite an robh e a’ dol, ’s e air a shlighe dhachaigh bho Leabhar-lann Bhaile na Grèine.

Dealbh de Dolina NicAoidh

Dolina NicAoidh

Urrasair

Dh’obraich Dolina ann an roinn Obair-Shòisealta Chomhairle nan Eilean Siar airson iomadh bliadhna. Tha i a-nis ag obair gu saor-thoileach airson a’ bhuidheann-carthannais Crossroads.

Dealbh de Màiri Bochanan

Màiri Bochanan

Urrasair

Tha Màiri na h-Àrd Manaidsear Leasachaidh aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus tha i a’ stiùireadh an sgioba Gàidhlig aca.

Acair

Acair, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 460 tiotalan

© 2026 Acair. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Prìobhaideachd

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig