Description
Iain D. Urchardan a’ leughadh an leabhar aige de cruinneachadh sgeulachdan goirid, Air An Oir.
Sgeulachdan tùrail, èibhinn, blàth-chridheach ann an Gàidhlig bhrèagha na Hearadh. Seo an dàrna cruinneachadh leis an t-sàr sgeulaiche Iain Urchardan agus tha e gar toirt air turas inntinn drùidhteach tro àbhachdas, caoidh is gàirdeachas, gus meòrachadh air cor a’ chinne-daonna; gu h-àraidh a’ beachdachadh air an dàimh phrìseil eadar athair is mac, agus an fhadachd is bròn a thig le call a’ cheangail sin. An còmhnaidh, tha guth truacanta an ùghdair a’ soillseachadh an dorchadais agus a’ togail a’ chridhe.
Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.









