← Air ais gu na leabhraichean
Air An Oir — còmhdach

Air An Oir

Leabhraichean-èisteachd

Le Iain D. Urchardan

£5.00

Rim faighinn

Iain D. Urchardan a’ leughadh an leabhar aige de cruinneachadh sgeulachdan goirid, Air An Oir.

Sgeulachdan tùrail, èibhinn, blàth-chridheach ann an Gàidhlig bhrèagha na Hearadh. Seo an dàrna cruinneachadh leis an t-sàr sgeulaiche Iain Urchardan agus tha e gar toirt air turas inntinn drùidhteach tro àbhachdas, caoidh is gàirdeachas, gus meòrachadh air cor a’ chinne-daonna; gu h-àraidh a’ beachdachadh air an dàimh phrìseil eadar athair is mac, agus an fhadachd is bròn a thig le call a’ cheangail sin. An còmhnaidh, tha guth truacanta an ùghdair a’ soillseachadh an dorchadais agus a’ togail a’ chridhe.

Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.

Fiosrachadh

Cruth
Leabhar-èisteachd
Cànan
Gàidhlig
Còd bathair
A606

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

  • Turas

    Iain D. Urchardan

    (Leabhraichean-èisteachd ) £5.00
  • Còisir nan Gunna

    Anndra A. Dunn agus Tormod Mac a’ Ghobhainn

    (Leabhraichean-èisteachd ) £5.00
  • Cha Till Mise

    Ruaraidh G. Macilleathain

    (Leabhraichean-èisteachd ) £5.00

Acair

Acair, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 457 tiotalan

© 2026 Acair. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig