Soirbheachas do dh’ Acair aig Na Duaisean Litreachais 2023!

Tha Acair air leth toilichte innse gun robh oidhche shoirbheachail aca aig Na Duaisean Litreachais 2023 a chaidh an cumail ann an Cottiers, Glaschu an-raoir.

Cha b’ ann a mhàin aon leabhar a chaidh ainmeachadh air na geàrr-liostaichean airson cuirm nan duaisean ach còig!

Chaidh Crann-fìge le Donnchadh MacGillIosa ainmeachadh an toiseach mar buannaiche Duais Chomann Gàidhealach Lunainn airson Leabhar Fhicsean. Chaidh Crann-fige fhoillseachadh san t-Samhain an uiridh. ‘S e cruinneachadh de sgeulachdan ghoirid a th’ann, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, taobh seach taobh. Choisinn Donnchadh Duais Leabhar na Gàidhealtachd le Crann-fìge san Òg-mhìos.

A’ togail a dhuais, thuirt Donnchadh: “Tha mi toilichte buannachadh agus toilichte gun do bhuannaich Acair grunnan dhuaisean cuideachd.”

Chaidh Na Stocan agus na Stùcan, air a sgrìobhadh le Julia Donaldson ach le eadar-theangachadh le Mòrag Stiùbhart, ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais an Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh. Gu mì-fhortanach, cha deach leotha air an oidhche agus bhuannaich Donaidh Dathach le Gwen Bowie.

‘S ann an uairsin a thug iad seachad Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd agus thog Catriona Mhoireach an duais shònraichte seo airson an obair mhòr a rinn i ann an Doras gun Chlàimhean a chruthachadh. Seo a’ chiad cho-chruinneachadh dà-chànanach de dhàin is òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, à Leòdhas a chaochail ann an 1982. Ann an Doras gun Chlàimhean gheibhear bàrdachd air cogadh agus eilthireachd, dùthchas agus dualchas, cho math ri cànan agus feallsanachd, le beagan fealla-dhà a’ togail ceann bho àm gu àm; tha a’ mhòr-chuid den bhàrdachd air eadar-theangachadh dhan Bheurla airson a’ chiad uair. Cuideachd anns an leabhar airson a’ chiad uair, tha cruinneachadh de sgrìobhaidhean eile leis a’ bhàrd; seanchasan agus litrichean, anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Cluinnear guth sònraichte a’ bhàird a’ seinn taghadh de na h-òrain aige air clàr a tha an cois an leabhair.

Tha Doras gun Chlàimhean gu làidir a’ daingneachadh cliù Mhurchaidh MhicPhàrlain mar bhàrd, mar sheanchaidh agus mar fhear-coiteachaidh na Gàidhlig san fhicheadamh linn. Is iomadh ulaidh luachmhor a tha a’ feitheamh air gach neach a thèid tro dhoras phrìseil Bàrd Mhealaboist.

Thuirt Catriona: “’S e urram mòr a th’ ann an duais seo a bhuannachadh gu h-àraidh is ainm Ruaraidh MhicThòmais co-cheangailte ris. Bha Ruaraidh gam theagasg san oilthigh agus tha mi fìor dheidheil air a’ bhàrdachd aige fhèin. Tha min dòchas gum biodh Murchadh air a dhòigh glan leis an urram.”

Bha dà leabhar Acair air an ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein; Cha Till Mise le Ruairidh MacIlleathain agus Gun Sireadh, Gun Iarraidh le Ceana Chaimbeul agus Ainsley Hamill.

‘S ann mu dheidhinn conbhoidhean dhan Ruis aig àm an Dàrna Cogadh a tha Cha Till Mise.

Tha an leabhar seo ag innse ann an doimhneachd mu na cunnartan agus mun chruadal a dh’fhuiling seòladairean nan conbhoidhean dhan Ruis. Agus, mun ghaisgeachd a bha ri fhaicinn ann am Blàr Muir Bharents, a’ mhadainn ud ann an 1942.

Tha Gun Sireadh, Gun Iarraidh mar phàirt chudromach de chultar nan Gàidheal agus e na chruinneachadh de dh’òrain Frangaig Tolmaich. ’S e co-chruinneachadh beairteach a tha seo, oir chaidh an ceòl agus na faclan a chruinneachadh o na daoine san tuath agus chaidh an clàradh cruinn còmhla le tè a bhuineadh dhan Eilean Sgiathanach aig an robh an dualchas agus na comasan àraid ud. Bha na sgilean seo gann ann an eachdraidh co-chruinneachaidhean ceòl nan Gàidheal.

‘S iad Ceana Chaimbeul agus Ainsley Hamill a shoirbhich air an oidhche agus iad air Duais Dhòmhnaill Meek a thogail airson an obair, nach gann, a rinn iad le Gun Sireadh, Gun Iarraidh.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha e na urram mhòr dhuinn an seo aig Acair gun robh leabhar sam bith air ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta, ach gu h-àraid gun robh còig de na leabhraichean againn air an ainmeachadh! Cha bhiodh leabhraichean idir againn mur a biodh na h-ùghdaran a tha a’ sgrìobhadh na h-obraichean phrìseil seo no gu dearbh an taic a tha sinn a’ faighinn bho diofar bhuidhnean eile – leithid Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.”

“Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do muinntir Chomhairle nan Leabhraichean airson an aithne a thoirt do na leabhraichean sgoinneil seo agus do na h-ùghdarran a bhan nan luib. Tha e cho cudromach gun tèid sgrìobhadh Ghàidhlig aithneachadh anns an aon dhòigh ri sgrìobhadh Bheurla agus tha sinn a’ faicinn barrachd is barrachd leabhraichean dà-chànanach a’ soirbheachadh.”