
Bha oidhche shoirbheachail aig Acair oidhche ‘Haoine agus iad a’ cur air bhog leabhar ùr – Somhairle MacGill-Eain Na Bhriathran Fhèin.
Chaidh an tachartas a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite, mar phàirt den fhèis aca gus 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig a chomharrachadh.
Bha sluagh de dhaoine san èisteachd agus Mark Wringe a’ cur nan ceist air Jo NicDhòmhnail, Màiri Sìne Chaimbeul agus Iseabail NicGill-Eain – an triùir a dheasaich an leabhar prìseil seo.
Bha e an uairsin a’ bruidhinn ri Somhairle agus Gilleasbuig MacDhòmhnaill, oghaichean Shomhairle, mu na cuimhneachain aca air an duine sònraichte seo.
Na bhriathran fhèin, ann an Gàidhlig, tha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a’ bruidhinn mu na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha e a’ bruidhinn air cànan, eachdraidh, poilitigs, cogadh agus gaol, cuspairean cudromach na bheatha. Tha an leabhar sònraichte seo stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach.
Tha eisimpleirean dhiubh pailt san leabhar, mar a tha eisimpleirean den bhàrdachd aige fhèin. Tha iomadh dealbh ann de theaghlach Shomhairle, a shinnsearan, a cho-aoisean agus tachartasan aig an robh e, le dealbhan àlainn de chruthan-tìre Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich a thogadh le mac a bhràthar, Cailean MacIllEathainn.
An cois an leabhair, tha CD de dh’òrain a bha measail san teaghlach air an seinn le nighean Shomhairle, Catriona NicDhòmhnaill.
Bu thoil le Acair taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a bha an làthair, an dà chuid air an làrach agus air-loidhne. Taing mhòr dha Mark, Jo, Màiri Sìne, Iseabail, Somhairle, Gilleasbuig agus an teaghlach air fad airson an cuid taic.
Taing cuideachd do Urras Shomhairle, Urras nan Eilean, Tobar an Dualchais ~ Kist o Riches, Comhairle nan Leabhraichean, Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.
Mura d’ fhuair sibh an cothrom a bhith ann, no a choimhead beò, chì sibh clàradh den tachartas an seo.
Faodar Somhairle MacGill-Eain Na Bhriathran Fhèin a cheannach an seo.
