Aonghas Moireasdan

Tha sgioba Acair, an luchd-obrach agus am Bòrd-stiùiridh, le chèile a’ caoidh Aonghas Moireasdan, a bha na mhanaidsear dhaibh.

An dèidh dha 20 bliadhna a chur seachad a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, thàinig e do dh’ Acair ann an 2021.

Bha Angus còir. Bha e mionaideach, socair agus bha coimhneas na chridhe nach gann.

Chan eil na faclan againn mar bhuidheann an-dràsta ach gu bheil sinn a’ smaoineachdh air a bhean, Janet, a mhàthair agus an teaghlach gu lèir aig an àm dhuilich seo.

FEUCH FICSEAN – Soraidh Slàn le Hallaig

Tha Acair toilichte innse mu sreath ùr leabhraichean a tha iad a’ foillseachadh air a bheil Feuch Ficsean. Tha seo ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean.

Tha an t-sreath ùr seo ag amas air daoine a tharraing gu bhith a’ feuchainn no a’ tilleadh gu leughadh sa Ghàidhlig agus iad uile air an sgrìobhadh le ùghdaran aithnichte ann an saoghal litreachais na Gàidhlig.
Tha na nobhailean goirid seo le diofar ùghdaran agus mu dhiofar chuspairean, le caractaran eadar- dhealaichte. Tha briathrachan ann an gach leabhar agus goireasan air-loidhne leithid leabhraichean- èisteachd agus cuideachadh le fuaimneachadh.

Thèid a’ chiad leabhar san sreath, Soraidh Slàn le Hallaig le Maoilios Caimbeul,  fhoillseachadh san Iuchar aig tachartas cur air bhog a bhios a’ gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig. Thèid seo a chumail air Diciadain 23.07.25 aig 7f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil ’s cluinnear Maoilios ann an còmhradh mun leabhar ùr aige, barrachd fiosrachaidh mun t-sreath bho riochdairean Acair agus bidh cuideachd cothrom ann ceistean fhaighneachd. A
bharrachd air a sin, bidh òran no dha ri chluinntinn cuideachd ’s tha fàilte bhlàth a’ feitheamh oirbh uile.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn an dòchas gun toir an t-sreath ùr seo brosnachadh do dhaoine gus leughadh sa Ghàidhlig. Tha cruaidh-fheum air sreath den t-seòrsa a tha taiceil agus misneachail do
dhaoine a tha airson feuchainn air litreachas na Gàidhlig. Le goireasan mar bhriathrachan agus leabhraichean-èisteachd, tha sinn dòchasach gun tig àrdachadh air an àireamh de dhaoine a tha a’ leughadh agus a’ faighinn toileachas bho leabhraichean Ghàidhlig.”

Thuirt John Storey, Ceannard Litreachais agus Foillseachaidh aig Comhairle nan Leabhraichean: “Tha sinn air ar dòigh taic a chur ri Acair. Tha obair mhòr air a bhith ann aig ìre-ullachaidh Feuch Ficsean, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris na leabhraichean fhaicinn.”

Tha Acair taingeil do Chomhairle nan Leabhraichean agus do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuid taic agus maoineachadh.

Soraidh Slàn le Hallaig, 156 duilleag, paperback, Acair, £9.99

Travels in Another Country; A Guide to Gaelic Scotland

Tha Acair toilichte innse mun ath leabhar aca a bhios iad a’ foillseachadh aig deireadh an ath mhìos.

Tha sinn air ar dòigh Travels in Another Country; A Guide to Gaelic Scotland fhoillseachadh air Dihaoine 27.06.2025.

B’ e dùthaich Ghàidhlig a bh’ ann an Alba gu ìre mhòr. Thàinig sgìrean air an tug an Dotair MacIain iomradh ann an 1775 a bhith cho iomallach agus cho neo-aithnichte ri Borneo no Sumatra gu bhith mar aon de na ciad làraich turasachd mòr san latha an-diugh agus bha iad nan cuspair air barrachd sgrìobhadh siubhail na pàirt sam bith eile de dh’Alba. Tha sgrìobhadairean ionnsaichte o chionn ghoirid air diofar iomradh a thoirt air Alba mar ‘tìr nan aisling’, a’ Ghàidhealtachd mar ‘Fancy’s Land’, agus an dùthaich mar làrach ‘innleachd an dualchais’.

Gu mì-fhortanach, gu tric chan eil mòran dàimh aig an aithris sin ri fìor eòlas beatha nan daoine dùthchasach. Anns an leabhar seo tha Coinneach MacIlleathain a’ siubhal tro sgìrean Gàidhlig na h-Alba san latha an-diugh agus roimhe seo bho shealladh nan Gàidheal. Air a dheagh dhealbhachadh le òrain, bàrdachd agus ainmean-àite, tha e a’ toirt a-steach cuid de na diathan is na ban-diathan, bana-bhuidsichean is luchd-cogaidh, gaisgich, bana-ghaisgich is eucoraich a bha uair a’ fuireach anns na cruthan-tìre sin a bha gu tric falamh. Tha na faclan aca fhèin a’ toirt sealladh dhuinn air dòchasan agus mòr-mhiannan, gaol agus call nan Gàidheal, an euchdan litreachais àrd agus dealbhan beothail de chruthan-tìre an gràidh, a’ toirt tuigse nas fheàrr don leughadair air eachdraidh agus cultar nan Gàidheal ann an Alba.

‘S ann à Uibhist a Deas a tha Coinneach MacIlleathain. Ged a rinn e trèanadh an toiseach mar arc-eòlaiche aig Oilthighean Dhùn Èideann agus Chambridge tha cùrsa-beatha eadar-mheasgte air a bhith aige, a’ gabhail a-steach tuathanachas fèidh, leasachadh dùthchail agus ag obair aig àrd-ìre ann an gnìomhachas an dualchais. Às deidh dha a dhreuchd a leigeil seachad rinn e trèanadh mar neach-iùil luchd-turais a’ Bhràiste Ghorm a lean gu obair treòrachaidh air feadh na h-Alba. Shoirbhich leis cuideachd a bhith a’ dìon tràchdas dhotaireil leis an tiotal ‘The Tourist Gaze on Gaelic Scotland’ aig Oilthigh Ghlaschu. Tha e air a bhith na Bhall Bùird aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. A-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, bidh e a’ toirt seachad òraidean do luchd-turais, a’ roinn an eòlais farsaing aige air a’ Ghàidhlig agus eachdraidh na Gàidhealtachd leotha.

Thèid tachartas sònraichte a chumail aig CCA Ghlaschu gus an leabhar ùr seo a chur air bhog. Bidh seo a’ gabhail àite air Dihaoine (27.06.2025) aig 6:00f. Thèid agaibh air Coinneach a chluinntinn ann an còmhradh le Alasdair C MacIlleBhàin a’ bruidhinn mun leabhar ùr aige, le leughaidhean agus bidh cothrom ann ceistean fhaighneachd. Bidh an tachartas seo saor-an-asgaidh agus bidh fàilte bhlàth oirbh uile.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn air ar dòigh Travels in Another Country fhoillseachadh agus obair Choinnich a chur air beulaibh dhaoine. Tha an t-uamhas de dh’fhiosrachadh am broinn an leabhar air leth seo ’s tha sinn cinnteach gun còrd e ri tòrr dhaoine.”

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras an Eilein, Foundation Scotland, Comhairle nan Leabhraichean, The Andrew Tannahill Fund, The McCaig Trust agus Comunn Gàidhlig Lunnainn airson an cuid taic agus maoineachadh.

Travels in Another Country, 500 duilleag, paperback, Acair, £20

Ailig agus an Dalek Gàidhlig

Tha Acair air bhioran fios a sgaoileadh mun ath leabhar a bhios iad a’ foillseachadh air 31.03.2025. Chaidh Ailig agus an Dalek Gàidhlig a sgrìobhadh le Shelagh Chaimbeul agus ’s e seo a’ chiad leabhar chloinne aice.

Tha tidsear Ailig a’ cur partaidh Shamhna air dòigh agus feumaidh e a dhol ann mar charactar aig a bheil Gàidhlig. Chan eil ùidh aig Ailig ann an caractar sam bith, ge-tà, ach iadsan ceangailte ri Doctor Who, agus tha e a’ cur roimhe gun tèid e ann mar Dhalek.

Tha e air culaidh-choimheach a dhèanamh, ach tha aon rud a dhìth air mus leig Mam leis a dhol ann – feumaidh e dearbhadh gu bheil Gàidhlig aig na Daleks. Nis, dè am facal Gàidhlig airson ‘exterminate’?

Thèid sreath thachartasan an cumail ann an Leòdhas le Shelagh a’ tadhal air sgoiltean air 24.04 agus 25.04 gus bruidhinn ri na sgoilearan mun leabhar ùr aice le cur air bhog oifigeil a’ gabhail àite ann an Leabharlann Steòrnabhaigh air Disathairne (26.04.2025) aig 11m. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile! Bidh tachartasan a’ gabhail àite ann an Glaschu cuideachd thar na mìosan a tha romhainn.

Thuirt Shelagh Chaimbeul, ùghdar an leabhair: “Tha mi a’ dèanamh fiughair ri Ailig agus an Dalek Gàidhlig fhaicinn ann an clò – chòrd e rium gu mòr a bhith ga sgrìobhadh agus tha na dealbhan sgoinneil a rinn Merrill MacWilliam a’ toirt an sgeulachd beò. Tha mi cho toilichte gun tèid fhoillseachadh le Acair, a tha air obair air leth a dhèanamh air, agus bidh e glè mhath a chur air bhog ann an Steòrnabhagh, agus a bhith a’ tadhail air sgoiltean agus leabharlannan anns a’ Ghiblean.”

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri Ailig agus an Dalek Gàidhlig fhoillseachadh! Tha tarraing mhòr ann do dh’ òigridh le leabhar ùr Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh dhaibhsan agus cuideachd, tha fhios againn gu bheil ùidh mhòr anns na Daleks cuideachd! Tha Shelagh air leabhar air leth a sgrìobhadh ’s tha làn chinnt againn gun còrd e ri clann, agus inbhich!”

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean agus OH CLLD YLAG Comhairle nan Eilean Siar (Outer Hebrides Community Led Local Development Youth Local Action Group) airson an cuid taic agus maoineachadh.

Ailig agus an Dalek Gàidhlig, 80 duilleag, paperback, Acair, £7.95

An Staran

An Staran book cover with author photo and photo of those speaking at the launch event. Petra Poncarova, Catriona Dunn, Anne Frater and Ruairidh MacIver.

Bha tachartas soirbheachail aig Acair air Dihaoine (28.02.25) agus iad a’ cur air bhog leabhar ùr, An Staran; Rosg Gàidhlig le Ruaraidh MacThòmais, deasaichte le Petra Poncarova.

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, cruinneachadh de sgeulachdan goirid a dh’fhoillsich MacThòmais, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.

Chaidh tachartas sònraichte a chumail aig Àros an Rubha air Dihaoine (28.02.2025), mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Bha oidhche air leth ann le Petra ann an còmhradh cuide ri Catriona Dunn mun leabhar agus leughaidhean bhon leabhar le Catriona Dunn, Anne Frater agus Ruairidh MacÌomhair.

Thuirt Petra Poncarova, a dheasaich an leabhar: “B’ e toileachas agus urram a bh’ ann An Staran a chur air bhog ann an Àros an Rubha – anns a’ choimhearsnachd far an do thogadh Ruaraidh MacThòmais fhèin, agus cluinntinn mun duine fhèin agus mu cheanglaichean eadar na sgrìobhaidhean aige agus an sgìre bho mhuinntir an àite. Buidheachas do Chomann Eachdraidh an Rubha, bha ìomhaigh MhicThòmais (bust) againn, an clò-sgrìobhadair aige, agus paidhir speuclairean – chan fhaca mi rudan pearsanta aige a-riamh gu ruige seo, agus bha sin cumhachdach. Bha mi air mo dhòigh gun robh tòrr gàireachdainn againn le na sgeulachdan agus pìosan èibhinn – agus gun robh sinn a’ cuimhneachadh MacThòmais mar sgrìobhadair a bha aotrom agus àbhachdach, a bharrachd air na tàlantan eile aige. Tha mi ’n dòchas gum faigh luchd-leughaidh rudeigin ùr anns an leabhar, rudeigin ris nach robh iad an dùil bho MhacThòmais.”

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean agus Urras An Rubha is Sanndabhaig airson an cuid taic agus maoineachadh.

An Staran, 272 duilleag, Paperback, Acair, £12

An Staran

Poster displaying the author's headshot, the jacket of the book in dark green with yellow writing of the title "An Staran". Details of the launch date of Friday 28th February at 7pm.

Tha Acair toilichte innse mun ath leabhar aca a bhios iad a’ foillseachadh air deireadh na mìos.

Tha sinn air ar dòigh An Staran fhoillseachadh air Dihaoine 28.02.2025. ‘S e cruinneachadh a tha seo de rosg le Ruaraidh MacThòmais, nach maireann, air a dheasachadh le Petra Johana Poncarová, a tha air an t-uamhas a sgrìobhadh mun duine sònraichte seo.

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, cruinneachadh de sgeulachdan goirid a dh’fhoillsich MacThòmais, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.

Thèid tachartas sònraichte a chumail aig Àros an Rubha gus an leabhar ùr seo a chur air bhog. Bidh seo a’ gabhail àite air Dihaoine (28.02.2025) aig 7:00f agus e mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Thèid agaibh air Petra a chluinntinn a’ bruidhinn mun leabhar agus an t-slighe a bh’ aice gus a sgrìobhadh, agallamh ghoirid leatha fhèin is Catriona Dunn, agus bidh cothrom ann ceistean fhaighneachd. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn air ar dòigh An Staran fhoillseachadh agus rosg Ruairidh MhicThòmais a chomharrachadh. Tha Petra air obair mhòr a dhèanamh gus na tha seo a tharraing cruinn còmhla agus tha Acair uabhasach pròiseil an leabhar seo fhoillseachadh, mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Fhuair sinn taic maoineachaidh bho Urras An Rubha is Sanndabhaig agus tha e iomchaidh gun tèid an leabhar a chur air bhog san sgìre far an deach Ruaraidh fhèin a thogail.”

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean agus Urras An Rubha is Sanndabhaig airson an cuid taic agus maoineachadh.

An Staran, 272 duilleag, paperback, Acair, £12

Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin

Tha Acair uabhasach fhèin toilichte innse gu bheil leabhar Acair air ainmeachadh air geàrr-liosta an Saltire Society airson Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2024.

Chaidh Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin le Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill agus Iseabail NicGill-Eain ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais leabhar rannsachaidh.

Chaidh Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin fhoillseachadh san t-Sultain an uiridh.

Na bhriathran fhèin, ann an Gàidhlig, tha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a’ bruidhinn mu na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha e a’ bruidhinn air cànan, eachdraidh, poilitigs, cogadh agus gaol, cuspairean cudromach na bheatha. Tha an leabhar sònraichte seo stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach.

Tha eisimpleirean dhiubh pailt san leabhar, mar a tha eisimpleirean den bhàrdachd aige fhèin. Tha iomadh dealbh ann de theaghlach Shomhairle, a shinnsearan, a cho-aoisean agus tachartasan aig an robh e, le dealbhan àlainn de chruthan-tìre Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich a thogadh le mac a bhràthar, Cailean MacIllEathainn. An cois an leabhair, tha CD de dh’òrain a bha measail san teaghlach air an seinn le nighean Shomhairle, Catriona NicDhòmhnaill.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha Acair air leth toilichte gu bheil Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin air a’ gheàrr-liosta airson Duais Leabhar Rannsachaidh aig Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2024. Chan urrainnear luach eachdraidheil an leabhair seo a thomhas agus tha sinn uabhasach toilichte gun deach sin aithneachadh agus e air a’ gheàrr-liosta airson na duais chliùiteach seo.”

“Tha e na urram mòr dhuinn an seo aig Acair nuair a thèid leabhraichean Acair an aithneachadh aig duaisean ach ‘s e urram nas motha buileach a th’ ann gun deach leabhar Acair ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson na duaisean chliùiteach seo airson an dàrna bliadhna. Tha seo na adhbhar brosnachaidh dhuinn uile agus dhan a h-uile foillseachair, ùghdar agus neach-leughaidh an luib saoghal foillseachaidh Gàidhlig. Tha sinn air ar ainmeachadh ri taobh leabhraichean Beurla agus tha sin na thogail dhuinn uile.”

“Cha bhiodh leabhraichean idir againn mur a biodh na h-ùghdaran a tha a’ sgrìobhadh na h-obraichean phrìseil seo no gu dearbh an taic a tha sinn a’ faighinn bho diofar bhuidhnean eile – leithid Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.”

Unnad – Indigenous

unnad indegenous photography book

Tha Acair toilichte innse mun ath leabhar aca a bhios iad a’ foillseachadh an ath mhìos.

Tha sinn air ar dòigh Unnad – Indigenous le Calum Angus MacAoidh fhoillseachadh air Diardaoin 24.10.2024. Stèidhichte air an taisbeanadh soirbheachail a bh’ aig An Lanntair thar mìosan an t-Samhraidh, tha an leabhar eireachdail seo a’ tarraing ri chèile cuid de ealain Chalum Angus le stòras de dh’ fhiosrachadh air na smuaintean a bh’ aige air cùlaibh gach pìos, eachdraidh a bheatha fhèin agus fiosrachadh air an iomadh rud a thug buaidh air obair thar nam bliadhnaichean.

Tha Unnad – Indigenous dà-chànanach agus a’ Ghàidhlig ‘s a’ Bheurla a’ ruith taobh seach taobh.

Thèid tachartas sònraichte a chumail aig An Lanntair mar phàirt de dh’ Fhèis Faclan – fèis litreachais a bhios aig an ionad ealain ionadail gach bliadhna. Bidh seo a’ gabhail àite air Diardaoin (24.10.2024) aig 8:15f. Thèid agaibh air Calum Angus a chluinntinn a’ bruidhinn mun leabhar agus an t-slighe a bh’ aige gus a sgrìobhadh. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile.

Thuirt Angus Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn cho toilichte Unnad – Indigenous fhoillseachadh agus taic a chur ri neach-ealain ionadail, aig tachartas ionadail agus aig Fèis litreachais ionadail! Tha gach rud a’ toirt togail do dh’ inbhe an àite agus dha rìreabh do dh’ obair Acair agus tha sinn uabhasach pròiseil den co-obrachadh a th’ againn le diofar bhuidhnean gus seo a thoirt gu buil.”

“Nam dhealbhadair, agus nam dhreuchd phroifeasanta mar stiùiriche cruthachail aig companaidh telebhisean, bha mi a-riamh mothachail gun robh mi air mo chuairteachadh le beatha agus beartas sgeulachdan dhaoine eile. Gun teagamh, ’s e suidheachadh fallain a bh’ ann. Ach, bha mi a’ coimhead latha a’ tighinn far am faighinn cothrom eile mo bheachdan cruthachail fhèin a thaisbeanadh. Seo far a bheil mi air ruighinn.” – Calum Angus MacAoidh

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Alba Chruthachail agus Maoin nan Ealain Gàidhlig airson an cuid taic agus maoineachadh.

Unnad – Indigenous, 240 duilleag, Hardback, £22

Na Duaisean Litreachais 2024

Tha Acair air leth toilichte innse gun robh oidhche shoirbheachail aca aig Na Duaisean Litreachais 2024 a chaidh an cumail ann an Cottiers, Glaschu an-raoir.

Cha b’ e aon leabhar a-mhàin a chaidh ainmeachadh air na geàrr-liostaichean airson cuirm nan duaisean ach còig!

Chaidh Tìgear an Iomagain a chaidh eadar-theangachadh le Mòrag Stiùbhairt ainmeachadh an toiseach mar bhuannaiche Duais Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh. Chaidh Tìgear an Iomagain fhoillseachadh san t-Samhain an-uiridh mar phàirt de na leabhraichean Bookbug a bhios Acair a’ foillseachadh ann an com-pàirteachas le Urras Leabhraichean na h-Alba. ‘S e sgeulachd dòigheil, dòchasach a th’ ann a tha cho freagarrach gu sèimheachadh iomagain beag is mòr, a’ sealltainn dòighean air inntinn a chur aig fois.

Cha b’ urrainn do Mhòraig a bhith an làthair aig cuirm nan duaisean ach thuirt i: “’S e roinn shònraichte a tha ann an leabhraichean Gàidhlig do chloinn agus bha Tìgear an Iomagain ann an cuideachd iongantach air a’ gheàrr-liosta. Bha e na mhòr thlachd dhòmhsa an leabhar eireachdail seo eadar-theangachadh do dh’Acair. Tha na dealbhan cho brèagha is tarraingeach ach còmhla ris a sin, tha an stòiridh air cuspair a tha a’ sìor fhàs cudromach do chloinn anns an t-saoghal a th’ ann.”

Chaidh Gach Seòrsa Caraid, le eadar-theangachadh le Dolina Nicleòid agus Na Còig Mathain le eadar-theangachadh le Alasdair Caimbeul, ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais an Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh cuideachd.

Bha dà leabhar Acair air an ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein; Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin deasaichte le Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill agus Iseabail NicGill-Eain agus Women of the Hebrides | Ban-eileanaich Innse Gall le Joni Bhochanan.

Na bhriathran fhèin, ann an Gàidhlig, tha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a’ bruidhinn mu na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha e a’ bruidhinn air cànan, eachdraidh, poilitigs, cogadh agus gaol, cuspairean cudromach na bheatha. Tha an leabhar sònraichte seo stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach.

Tha eisimpleirean dhiubh pailt san leabhar, mar a tha eisimpleirean den bhàrdachd aige fhèin. Tha iomadh dealbh ann de theaghlach Shomhairle, a shinnsearan, a cho-aoisean agus tachartasan aig an robh e, le dealbhan àlainn de chruthan-tìre Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich a thogadh le mac a bhràthar, Cailean MacIllEathainn. An cois an leabhair, tha CD de dh’òrain a bha measail san teaghlach air an seinn le nighean Shomhairle, Catriona NicDhòmhnaill.

Chaidh Women of the Hebrides | Ban-eileanaich Innse Gall a sgrìobhadh le Joni Bhochanan, à sgìre Ùige ann an Leòdhas. ‘S e leabhar air leth a tha seo, làn sgeulachdan bhoireannaich nan Eilean Siar, bho Nis ann an Leòdhas gu Barraigh agus iad ag innse mu na cuimhneachain aca fhèin air na rinn, na choilean agus na dh’fhulaing iad thar nam bliadhnaichean.

Bho chlann-nighean an sgadain, gu a bhith ag obair air a’ chlò, feadhainn aca ann am Bletchley Park aig àm a’ chogaidh agus feadhainn eile ag obair mar thaic do theaghlaichean beartach leithid na Roosevelts, cha mhòr gu bheil càil ann nach eil a’ nochdadh!

‘S i Joni Bhochanan a shoirbhich air an oidhche agus i air Duais Dhòmhnaill Meek a thogail airson a h-obair, nach gann, a rinn i le Women of the Hebrides | Ban-eileanaich Innse Gall.

A’ togail a duais, thuirt Joni: “Tha an duais, mar an leabhar fhèin, mar mholadh air boireannaich an eilein air a bheil e a’ comharrachadh. B’ e sochair air leth a bh’ ann an cothrom na sgeulachdan aca innse agus tha mi toilichte gu bheil daoine eile air a bhith den bheachd gu bheil an leabhar a’ lìonadh beàrn fad-ùine ann an litreachais eileanach agus Gàidhlig.”

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha e na urram mòr dhuinn an seo aig Acair gun robh leabhar sam bith air ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta, ach gu h-àraid gun robh còig de na leabhraichean againn air an ainmeachadh! Cha bhiodh leabhraichean idir againn mura biodh na h-ùghdaran a tha a’ sgrìobhadh na h-obraichean prìseil seo no gu dearbh an taic a tha sinn a’ faighinn bho dhiofar bhuidhnean eile – leithid Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.”

“Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do mhuinntir Chomhairle nan Leabhraichean airson an aithne a thoirt do na leabhraichean sgoinneil seo agus do na h-ùghdaran a bhan nan luib. Tha e cho cudromach gun tèid sgrìobhadh Gàidhlig aithneachadh anns an aon dòigh ri sgrìobhadh Beurla agus tha sinn a’ faicinn barrachd is barrachd leabhraichean dà-chànanach a’ soirbheachadh.”

Gheibhear lorg air na leabhraichean air fad a bha air an ainmeachadh gu h-àrd air ar làrach lìn – www.acairbooks.com

Norma NicLeòid

Tha Acair air leth duilich cluinntinn gun do chaochail Norma NicLeòid.

Bha Norma mar phàirt mhòr de dh’ Acair thar nam bliadhnaichean agus i an sàs ann an diofar phròiseactan, ag obair mar Mhanaidsear agus Deasaiche còmhla rinn agus cuideachd a’ sgrìobhadh agus ag eadar-theangachadh leabhraichean.

Bha Norma agus Fionnlagh, a chaochail san t-Samhain an uiridh, an luib Acair bho thùs agus iad air obair mhòir a dhèanamh gus foillseachadh na Gàidhlig adhartachadh thar nam bliadhnaichean.

Dh’fhoillsich Acair an leabhar mu dheireadh a’ sgrìobh i, An Dosan, ann an 2014.

Tha gach neach an luib Acair, an-dràsta agus thar nam bliadhnaichean a dh’ fhalbh, a’ smaoineachadh air teaghlach agus caraidean Norma agus sinn a’ cuimhneachadh oirre le meas, nach gann.