
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr bho sgioba Acair air fad!
Meal do naidheachd do Alexander ann an Clas 6B aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich a’ cho-fharpais Cairt Nollaig againn agus abair gun do chruthaich e cairt shnog dhuinn! Gheibh an clas aige £50 de leabhraichean Acair mar dhuais!
Bidh oifis Acair a’ dùnadh aig 2f air Dihaoine 22.12 agus a’ fosgladh aig 9m air 03.01.2024. Ma tha sibh airson leabhraichean a thogail, feuch gun tig sibh a-steach mus dùin sinn Dihaoine.
Fhuair sinn an cothrom a dhol a-mach gu biadh an t-seachdain sa gus àm na Nollaig a chomharrachadh còmhla. Tha sinn uile a’ guidhe Nollaig Chridheil dhuibh gu leìr agus sinn air leth taingeil dhuibh airson ur cuid taic, coibhneas agus càirdeas thar a’ bhliadhna a dh’ fhalbh.
Tha bliadhna shoirbheachail air a bhith againn aig Acair agus sinn an dòchas gun còrd na tha ri thighinn ann an 2024 ribh uile cuideachd! Cumaibh sùil a-mach sa bhliadhn’ ùr airson naidheachdan mu na tha fainear dhuinn!
