
Tha sreath leabhraichean Feuch Ficsean ag amas air leughadairean Gàidhlig a tha airson togail air an cuid sgilean leughaidh.
Le saorsa aig gach ùghdar an stoidhle sgrìobhaidh aca fhèin a leantainn, tha an sreath seo mar fhaileas air beairteas a’ chànain agus stòras ar sgeulachdan, sean is ùr, le farsaingeachd de charactaran, ìrean briathrachais agus measgachadh de dhualchainntean, cuide ri taic bho bheag-fhaclair. Tha leabhraichean-èisteachd rim faighinn cuideachd.
Feuch Ficsean is an exciting new series of original, short Gaelic fiction for adults. The novellas are suitable for those who have learnt Gaelic as well as Gaelic speakers who may be unfamiliar with reading in Gaelic, or those who simply wish to read more in Gaelic.
These titles include provision of a glossary support system to aid readers with challenging vocabulary, grammar or sentence structure. Audiobook versions and online support are available alongside each title.

Soraidh Slàn le Hallaig
Hallaig, Eilean Ratharsair, 1854.
Tha fathannan ann gu bheil na daoine gu bhith air am fuadach. Le Seòras Rainy, an t-uachdaran, a’ cumail smachd teann orra le riaghailtean gun chiall, is gann an ùine a th’ aig muinntir an àite.
Tha Ruairidh air fhuadach gu Àrnais, far a bheil e a’ coinneachadh ri Iseabail, tè bhrèagha, bheothail, agus tha e airson a pòsadh.
Am faigh iad fuasgladh air riaghailt Rainy, nach eil e ceadaichte do dhaoine pòsadh? An urrainn dhaibh fuireach ann an Ratharsair? No a bheil raointean farsaing taobh eile an t-saoghail gan tàladh?
An t-Ùghdar - The Author
Tha Maoilios Caimbeul a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Tha e air grunn nobhailean dha òigridh agus leabhraichean bàrdachd fhoillseachadh, nam measg An Triùir agus an Lùbag (Acair, 2017) agus Gràs/Grace (Handsel Press, 2019). Tha e air iomadh duais a chosnadh airson a chuid sgrìobhaidh agus tha aithne air obair ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. ’S e Dòrlach Sìl an leabhar mu dheireadh aige (Luath Press, 2021), cruinneachadh de sgeulachdan goirid.

Am Briathrachan - The Glossary
Tagh Caibideil - Choose a Chapter
| Facal | Ciall | Èist |
| gu dian | intensely | |
| dh'aom | lowered | |
| maor-gruinnd | ground officer | |
| cas-chrom | a Highland spade, used to turn stony ground | |
| stiallan | strips of cloth | |
| gum biodh ceannach aige air | idiom: that it would cost him | |
| sealbh | ownership | |
| coitearan | cotters | |
| aig roid | at great speed | |
| min-sàibh | sawdust | |
| an-iochdmhor | cruel/merciless | |
| ruiteach | ruddy/rosy-cheeked | |
| gu tàireil | contemptuously | |
| tac | holding/tack | |
| gaiseadh a' bhuntàta | potato famine | |
| bolla mine | a boll of meal (114lbs) | |
| Comunn Eilthireachd na Gàidhealtachd 's nan Eilean | Highlands and Islands Emigration Society (HIES) | |
| anail na uchd | idiom: out of breath | |
| a' snaigheadh | paring/carving | |
| ga ghonadh | paining/distressing him |
| Facal | Ciall | Èist |
| beag air bheag | little by little | |
| cha b' e ruith ach leum | Idiom: couldn't do it quickly enough | |
| soirbh | easy | |
| buidealair | butler | |
| gabhail/gabhaltas | land rented from the landlord (not to be confused with a' gabhail - taking) |
| Facal | Ciall | Èist |
| a' dol mun cuairt mar fhalaisg | Idiom: spreading like wildfire | |
| ain-diadhaidh | ungodly | |
| luaisgeanach | restless | |
| toirmisgte | forbidden | |
| crùisgeanan | oil lamps | |
| foghainteach | brave/hardy of stature | |
| monmhar | murmur | |
| chaochail i leis an fhiabhras-bhreac | she died of typhoid | |
| saothair an cuirp | bodily labour | |
| a cheart cho… | just as… | |
| a' gabhail sealbh air an fhearann | taking ownership of the land | |
| slabhraidh | chain from which the kettle hung above the fire | |
| laimrig | mooring/landing |
| Facal | Ciall | Èist |
| dh'fheòraich | enquired | |
| fàth a thurais | the reason for his trip | |
| pladaig | a little blanket/shawl | |
| àmraidh | cupboard | |
| an t-sitig | outdoors/ the midden | |
| cha bhi càil a dh'èis ort | you won't lack anything | |
| an t-sèis | the wooden bench | |
| socharach | shy |
| Facal | Ciall | Èist |
| di-beathte | (you're) welcome | |
| biota | butter churner | |
| luath | ash | |
| saoidhean | saithe | |
| ucas | mature saithe | |
| iasad de chorran | loan of a sickle |
| Facal | Ciall | Èist |
| trosg | cod | |
| langa | ling | |
| liùgh | lythe | |
| cainb | hemp | |
| biathadh | bait | |
| put | buoy | |
| àircean | corks | |
| eirmseachd | witticism | |
| fleasgach | eligible bachelor | |
| fàd | a slab of peat | |
| làrna-mhàireach | the next day | |
| mì-chiatach | improper | |
| bhrist a' ghriùthrach a-mach | the measles broke out | |
| cuarantain | quarantine | |
| am fiabhras-dearg | scarlet fever | |
| beò an dòchas | Idiom: strongly hopeful |
| Facal | Ciall | Èist |
| air an fhalmadair | on the rudder | |
| a' dannsa ri fhaileas | idiom: excited | |
| easgann | eel | |
| ceann-cropaig | stuffed fish head | |
| sgolt | gutting of a fish | |
| bha an t-acras ga tholladh | Idiom: he was starving | |
| aig baile | Idiom: at home | |
| gropag bìdh | a bite to eat | |
| cràbhaidh | religious |
| Facal | Ciall | Èist |
| inneir na bà | manure | |
| fhiacais | good gracious | |
| air an teine a thasgadh | had banked the fire | |
| an glaic a chèile | embracing/hugging | |
| a' brìodal | lovers' talk; flirting; caressing | |
| a' gabhail an leabhair | worship | |
| creathail | a cradle | |
| ra mhnaoi | to his wife |
| Facal | Ciall | Èist |
| fear-comhailtich | best man | |
| dà bheathach mairt | two cows | |
| a chridhe na bheul | his heart was in his mouth | |
| rèiteach | betrothal |
| Facal | Ciall | Èist |
| a' deoghal | sucking/taking in | |
| air gèilleadh | had given in/surrendered | |
| braoisg | grin | |
| is treasa tuath na tighearna | the tenantry is stronger than a lord/laird | |
| chaidh e timcheall leis a' bhuideal | he went round with the cask |
| Facal | Ciall | Èist |
| guailleachan | shawl | |
| cìrean | combs | |
| brèid | woman's headdress, worn the morning after her marriage | |
| spìonadh | pluck | |
| feannadh | skin | |
| maighdeannan | bridesmaids | |
| barantas | guarantee | |
| sgal | wail/blast (on the pipes) | |
| stuama | modest | |
| ealamh | swift/nimble | |
| buaireasach | troublesome | |
| ceannairc | rebellion |
| Facal | Ciall | Èist |
| sitrich eich | neighing of a horse | |
| mias | basin | |
| smàl | up in flames; burnt out | |
| sloc na dòrainn | depths of despair |
| Facal | Ciall | Èist |
| dìoghaltas | revenge | |
| chuir e òrrais air | it made him nauseous | |
| siosacot | waistcoat | |
| banachdach | vaccination |
| Facal | Ciall | Èist |
| capall dubh | black mare |
| Facal | Ciall | Èist |
| othail | buzz/hubbub | |
| neo-fhaicsinneach | invisible | |
| breitheanas neo-aithnichte | unknown judgement | |
| lainnear na grèine | sunrays | |
| brataichean | flags | |
| dà chuibhle-ràmh | two paddle wheels | |
| luidhear | a tall dark funnel | |
| a' sluaisreadh 's a' maistreadh | rushing and churning (of the sea) | |
| croinn-smùide | steam cranes on board a ship | |
| cargu | cargo | |
| air a' bhòrd-beulaibh aca | on their starboard side | |
| luchd | load/cargo | |
| a' Chiad Mheata | the First Mate | |
| gun fhosadh | without stopping | |
| corra dhìol-dèirce | the occasional homeless person |
| Facal | Ciall | Èist |
| sòghail | luxurious | |
| bobhstairean connlaich | straw mattresses | |
| cròthadh | herded/penned | |
| a' bhuinneach-mhòr | cholera | |
| acfhainn-luinge | ship's equipment, apparatus | |
| cha bu dùraig dhaibh | they didn't dare to | |
| caomhnadh Dhè | God's protection | |
| cèaban | cabin |
| Facal | Ciall | Èist |
| sheasadh iad ris a' mhaireachan | they'd lean against the bulwark | |
| sgaoth phèileagan | a pod of porpoises | |
| èisg-itealaich | flying fish | |
| meadhan-chearcall an talaimh | Equator | |
| cruithneachd | wheat | |
| a' cur a-mach na loidhne | precenting (a Gaelic Psalm) | |
| geinnean fiodha | wooden wedges | |
| a' bocail mar each gun strian | jolting like a horse without reins | |
| tuinneachadh | settled |
| Facal | Ciall | Èist |
| ghabh na teaghlaichean slàn le chèile | the families said goodbye to each other |
| Facal | Ciall | Èist |
| rupan | auctions | |
| cuibhreann fearainn | a portion of land |
| Facal | Ciall | Èist |
| eòrna | barley | |
| coirce | oats | |
| truimeach air thearrach | topsy-turvy | |
| àm a h-asaid | labour/childbirth | |
| leabaidh-shiùbhla | bed when childbearing | |
| seachranach | wanderer | |
| criathar | sieve |
Le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean
