
Tha sreath leabhraichean Feuch Ficsean ag amas air leughadairean Gàidhlig a tha airson togail air an cuid sgilean leughaidh.
Le saorsa aig gach ùghdar an stoidhle sgrìobhaidh aca fhèin a leantainn, tha an sreath seo mar fhaileas air beairteas a’ chànain agus stòras ar sgeulachdan, sean is ùr, le farsaingeachd de charactaran, ìrean briathrachais agus measgachadh de dhualchainntean, cuide ri taic bho bheag-fhaclair. Tha leabhraichean-èisteachd rim faighinn cuideachd.
Feuch Ficsean is an exciting new series of original, short Gaelic fiction for adults. The novellas are suitable for those who have learnt Gaelic as well as Gaelic speakers who may be unfamiliar with reading in Gaelic, or those who simply wish to read more in Gaelic.
These titles include provision of a glossary support system to aid readers with challenging vocabulary, grammar or sentence structure. Audiobook versions and online support are available alongside each title.

DEALAN-DÈ
Leis an Dàrna Cogadh air aire a’ mhòr-shluaigh, tha boireannach òg a’ leantainn a caraid gu tìr-mòr airson beatha agus fèin-aithne ùr a ghabhail, mar dhealan-dè, ’s i a’ fàgail a cochall às a dèidh. Chan eil sgeul a-nis air Flòraidh chiallach à Barraigh; seo a-nis Laura chealgach à Dùn Èideann. Tha i fhèin agus a caraid Lavinia a’ dol an lùib a’ chogaidh, le Lavinia a’ fosgladh sùilean Laura gu saoghal nas motha na Barraigh agus iad a’ dèanamh an slighe le chèile suas rangan an airm. A’ cur eòlas air rudan annasach mar garlic is gin, an tèatar agus an Savoy, tha Flòraidh beò ann an saoghal eile, ach an tig foill Laura am bàrr? Agus cò dìreach a th’ ann an Lavinia Cavendish?
Leabhraichean san t-sreath
Books in the series
Gheibhear briathrachas le clàraidhean aig na ceanglaichean gu h-ìosal, còmhla ri barrachd fiosrachaidh mun ùghdar agus leabhraichean-èisteachd.
A glossary with audio clips can be found at the links below, along with more information about the author and audio books.




A' tighinn a dh'aithghearr
A bheil sibh airson faighinn a-mach cuin a bhios an ath leabhar a' tighinn? Clàraich airson a' chuairt-litir againn!
Do you want to find out when the next book in the series will be released? Subscribe to our newsletter!
Le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean
