
Tha Acair toilichte innse mun ath leabhar aca a bhios iad a’ foillseachadh aig deireadh an ath mhìos.
Tha sinn air ar dòigh Travels in Another Country; A Guide to Gaelic Scotland fhoillseachadh air Dihaoine 27.06.2025.
B’ e dùthaich Ghàidhlig a bh’ ann an Alba gu ìre mhòr. Thàinig sgìrean air an tug an Dotair MacIain iomradh ann an 1775 a bhith cho iomallach agus cho neo-aithnichte ri Borneo no Sumatra gu bhith mar aon de na ciad làraich turasachd mòr san latha an-diugh agus bha iad nan cuspair air barrachd sgrìobhadh siubhail na pàirt sam bith eile de dh’Alba. Tha sgrìobhadairean ionnsaichte o chionn ghoirid air diofar iomradh a thoirt air Alba mar ‘tìr nan aisling’, a’ Ghàidhealtachd mar ‘Fancy’s Land’, agus an dùthaich mar làrach ‘innleachd an dualchais’.
Gu mì-fhortanach, gu tric chan eil mòran dàimh aig an aithris sin ri fìor eòlas beatha nan daoine dùthchasach. Anns an leabhar seo tha Coinneach MacIlleathain a’ siubhal tro sgìrean Gàidhlig na h-Alba san latha an-diugh agus roimhe seo bho shealladh nan Gàidheal. Air a dheagh dhealbhachadh le òrain, bàrdachd agus ainmean-àite, tha e a’ toirt a-steach cuid de na diathan is na ban-diathan, bana-bhuidsichean is luchd-cogaidh, gaisgich, bana-ghaisgich is eucoraich a bha uair a’ fuireach anns na cruthan-tìre sin a bha gu tric falamh. Tha na faclan aca fhèin a’ toirt sealladh dhuinn air dòchasan agus mòr-mhiannan, gaol agus call nan Gàidheal, an euchdan litreachais àrd agus dealbhan beothail de chruthan-tìre an gràidh, a’ toirt tuigse nas fheàrr don leughadair air eachdraidh agus cultar nan Gàidheal ann an Alba.
‘S ann à Uibhist a Deas a tha Coinneach MacIlleathain. Ged a rinn e trèanadh an toiseach mar arc-eòlaiche aig Oilthighean Dhùn Èideann agus Chambridge tha cùrsa-beatha eadar-mheasgte air a bhith aige, a’ gabhail a-steach tuathanachas fèidh, leasachadh dùthchail agus ag obair aig àrd-ìre ann an gnìomhachas an dualchais. Às deidh dha a dhreuchd a leigeil seachad rinn e trèanadh mar neach-iùil luchd-turais a’ Bhràiste Ghorm a lean gu obair treòrachaidh air feadh na h-Alba. Shoirbhich leis cuideachd a bhith a’ dìon tràchdas dhotaireil leis an tiotal ‘The Tourist Gaze on Gaelic Scotland’ aig Oilthigh Ghlaschu. Tha e air a bhith na Bhall Bùird aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. A-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, bidh e a’ toirt seachad òraidean do luchd-turais, a’ roinn an eòlais farsaing aige air a’ Ghàidhlig agus eachdraidh na Gàidhealtachd leotha.
Thèid tachartas sònraichte a chumail aig CCA Ghlaschu gus an leabhar ùr seo a chur air bhog. Bidh seo a’ gabhail àite air Dihaoine (27.06.2025) aig 6:00f. Thèid agaibh air Coinneach a chluinntinn ann an còmhradh le Alasdair C MacIlleBhàin a’ bruidhinn mun leabhar ùr aige, le leughaidhean agus bidh cothrom ann ceistean fhaighneachd. Bidh an tachartas seo saor-an-asgaidh agus bidh fàilte bhlàth oirbh uile.
Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn air ar dòigh Travels in Another Country fhoillseachadh agus obair Choinnich a chur air beulaibh dhaoine. Tha an t-uamhas de dh’fhiosrachadh am broinn an leabhar air leth seo ’s tha sinn cinnteach gun còrd e ri tòrr dhaoine.”
Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras an Eilein, Foundation Scotland, Comhairle nan Leabhraichean, The Andrew Tannahill Fund, The McCaig Trust agus Comunn Gàidhlig Lunnainn airson an cuid taic agus maoineachadh.
Travels in Another Country, 500 duilleag, paperback, Acair, £20
