
Tha Acair uamhasach fhèin toilichte innse gu bheil trì leabhraichean Acair air an ainmeachadh air geàrr-liostaichean an Saltire Society airson Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2023.
Chaidh Crann-fìge | Fig Tree le Donnchadh MacGillÌosa ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais leabhar ficsean.
Chaidh Crann-fige fhoillseachadh san t-Samhain an uiridh. ‘S e cruinneachadh de sgeulachdan ghoirid a th’ann, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, taobh seach taobh. Choisinn Donnchadh Duais Leabhar na Gàidhealtachd le Crann-fìge san Òg-mhìos agus Duais Chomuinn Gàidhealach Lunnainn airson an leabhar ficsein as fheàrr aig Na Duaisean Litreachais 2023 san t-Sultain.
Thuirt Donnchadh: “Tha mi air mo dhòigh gun deach Crann-fìge | Fig Tree ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Saltire 2023. Tha e air a bhith na thogail dhomh gu bheil e air còrdadh ri uiread bhon a chaidh fhoillseachadh agus tha mi ‘n dòchas gu lean sin. Tha e miorbhaileach a bhith air a’ gheàrr-liosta airson an duais seo.”
Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha e na urram do dh’ Acair gu bheil Crann-fìge | Fig Tree air a’ gheàrr-liosta airson Duais Leabhar Ficsean aig Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2023. Tha an leabhar seo air a bhith air leth soirbheachail, a’ buannachadh Duais Leabhar na Gàidhealtachd 2023 agus cuideachd Duais Chomuinn Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsean as Fheàrr aig Na Duaisean Litreachais 2023. Tha an sgrìobhadh aig Donnchadh sònraichte le blàths na sgrìobhadh nach urrainn ach faireachdainn. Tha an cruinneachadh seo air am foillseachadh gu dà-chànanach, leis a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla taobh seach taobh ‘s tha seo a’ ciallachadh gun tèid aig barrachd dhaoine air an tàlant aige a leughadh.”
Chaidh Cha Till Mise le Ruaraidh G MacIlleathain ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson an duais Leabhar Rannsachaidh.
Chaidh Cha Till Mise fhoillseachadh san Iuchar 2022. Nuair a bha Ruaraidh G Macilleathain a’ fàs suas ann an Glaschu anns na seasgadan, chanadh a mhàthair ris gach 31 Dùbhlachd, ‘Chaidh Daibhidh a chall air na Russian Convoys’ – dìreach na faclan sin. B’ e co-ogha dha mhàthair a bha ann an Daibhidh. Bha e 22 bliadhna a dh’aois.
B’ e an aon fhiosrachadh a bha aig an teaghlach gun deach an soitheach aig Daibhidh, HMS Achates, fodha ann am Muir Bharents, 31 Dùbhlachd, 1942. Cha d’ fhuair iad a-mach a-riamh dè thachair dhan a’ bhalach òg à Bhatarnais san Eilean Sgitheanach. An deach a bhàthadh? An deach a mharbhadh le slige Ghearmailteach? Ach, a-nis, an dèidh rannsachadh agus thurchartasan iongantach, gabhaidh an sgeulachd aig Daibhidh innse.
Tha an leabhar seo ag innse ann an doimhneachd mu na cunnartan agus mun chruadal a dh’fhuiling seòladairean nan conbhoidhean dhan Ruis. Agus, mun ghaisgeachd a bha ri fhaicinn ann am Blàr Muir Bharents, a’ mhadainn ud ann an 1942.
Thuirt Ruaraidh: “’S e urram a th’ ann a bhith air a’ gheàrr-liosta airson Duais an Leabhar Rannsachaidh aig Duaisean Leabhar Nàiseanta na h-Alba 2023. Tha an urram seo cuideachd mar chomharra air an neart, an cruadal agus an spionnadh a bh’ aig an fheadhainn a bha an sàs anns na conbhoidhean seo eadar 1941-1945.”
Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha Acair air an dòigh gun deach Cha Till Mise ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais an Leabhar Rannsachaidh aig Duaisean Leabhar Nàiseanta na h-Alba 2023! Tha Ruaraidh air obair, nach gann, a chur a-steach dhan leabhar seo leis an t-uamhas rannsachadh gus leabhar cho mionaideach seo a chruthachadh a tha ag innse na dh’ fhulaing na daoine seo. Fiosrachadh a tha air leth cudromach gu ar eachdraidh.”
Chaidh The Whalers of Harris le Ian Hart ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais an Leabhar Eachdraidh.
Chaidh The Whalers of Harris fhoillseachadh san Lunastal 2022 agus e ag innse, ann an doimhneachd, mu eachdraidh stèisean sealg nam mucan-mara air cost’ an iar na Hearadh.
Anns an leabhar seo, a tha air a sgrùdadh gu grinn agus air a dheagh dhealbhachadh, tha an t-ùghdar, Ian Hart, ag innse sgeulachd a tha cuideachd a togail air cùisean-mhulaid agus an droch bhuaidh a bh’ aig a sin air saoghal nàdair. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ toirt cunntas air eachdraidh nam mucan-mara sna Hearadh ach ‘s dòcha gu bheil e na rabhadh cuideachd gum bu chòir dhuinn dèiligeadh ris a’ phlanaid seo le barrachd co-fhaireachdainn, cùram agus tuigse.
Thuirt Ian: “Tha mi air leth toilichte cluinntinn gu bheil an leabhar agam The Whalers of Harris air a’ gheàrr-liosta airson Duais Leabhar Eachdraidh aig Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2023. Saoilidh mi gun do chuir an leabhar ri eachdraidh sòisealta, cultarail agus gnìomhachail na h-Alba agus na h-Eileanan Siar gu sònraichte. Tha e air a bhith na thlachd cuideachd a bhith ag obair còmhla ri taigh-foillseachaidh ionadail, Acair à Steòrnabhagh, a thug taic dhomh le bhith ga chruthachadh agus ga fhoillseachadh.”
Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha Acair air leth toilichte gu bheil The Whalers of Harris air a’ gheàrr-liosta airson Duais Leabhar Eachdraidh aig Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2023. Chan urrainnear luach eachdraidheil an leabhair seo a thomhas agus tha sinn air uamhasach toilichte gun deach sin aithneachadh agus e air a’ gheàrr-liosta airson na duais chliùiteach seo.”
“Tha e na urram mòr dhuinn an seo aig Acair nuair a thèid leabhraichean Acair an aithneachadh aig duaisean ach ‘s e urram nas motha buileach a th’ ann gun deach TRÌ leabhraichean Acair ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson na duaisean chliùiteach seo. Tha seo na adhbhar brosnachaidh dhuinn uile agus dhan a h-uile foillseachair, ùghdar agus neach-leughaidh an luib saoghal foillseachaidh Gàidhlig. Tha sinn air ar ainmeachadh ri taobh leabhraichean Beurla agus tha sin na thogail dhuinn uile.”
“Cha bhiodh leabhraichean idir againn mur a biodh na h-ùghdaran a tha a’ sgrìobhadh na h-obraichean phrìseil seo no gu dearbh an taic a tha sinn a’ faighinn bho diofar bhuidhnean eile – leithid Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.”
Gheibhear lorg air na leabhraichean air fad a bha air an ainmeachadh gu h-àrd air làrach lìn Acair – www.acairbooks.com