Tha sreath leabhraichean Feuch Ficsean ag amas air leughadairean Gàidhlig a tha airson togail air an cuid sgilean leughaidh. 

Le saorsa aig gach ùghdar an stoidhle sgrìobhaidh aca fhèin a leantainn, tha an sreath seo mar fhaileas air beairteas a’ chànain agus stòras ar sgeulachdan, sean is ùr, le farsaingeachd de charactaran, ìrean briathrachais agus measgachadh de dhualchainntean, cuide ri taic bho bheag-fhaclair. Tha leabhraichean-èisteachd rim faighinn cuideachd.

Feuch Ficsean is an exciting new series of original, short Gaelic fiction for adults. The novellas are suitable for those who have learnt Gaelic as well as Gaelic speakers who may be unfamiliar with reading in Gaelic, or those who simply wish to read more in Gaelic.

These titles include provision of a glossary support system to aid readers with challenging vocabulary, grammar or sentence structure. Audiobook versions and online support are available alongside each title.

 

Dealan-Dè

Leis an Dàrna Cogadh air aire a’ mhòr-shluaigh, tha boireannach òg a’ leantainn a caraid gu tìr-mòr airson beatha agus fèin-aithne ùr a ghabhail, mar dhealan-dè, ’s i a’ fàgail a cochall às a dèidh. Chan eil sgeul a-nis air Flòraidh chiallach à Barraigh; seo a-nis Laura chealgach à Dùn Èideann. Tha i fhèin agus a caraid Lavinia a’ dol an lùib a’ chogaidh, le Lavinia a’ fosgladh sùilean Laura gu saoghal nas motha na Barraigh agus iad a’ dèanamh an slighe le chèile suas rangan an airm. A’ cur eòlas air rudan annasach mar garlic is gin, an tèatar agus an Savoy, tha Flòraidh beò ann an saoghal eile, ach an tig foill Laura am bàrr? Agus cò dìreach a th’ ann an Lavinia Cavendish?

An t-Ùghdar - The Author

’S ann à Beinn na Faoghla a tha Seonag Monk. Na craoladair air BBC Radio nan Gàidheal airson grunn bhliadhnaichean, tha i aithnichte airson a cuid sgrìobhaidh airson rèidio, telebhisean, stèidse, film agus foillseachadh leabhraichean.

 Am Briathrachan   -   The Glossary

Tagh Caibideil    -     Choose a Chapter

Facal Ciall Èist
air a spleuchdadh spread out
air a fiaradh air over at him
pòcaid a pheitein the pocket of his waistcoat
air an torradh had piled up
nam leum idiom: in a hurry
ròlaistean nonsense, silly stories
leabhar nan cùpanan coupon book
air a chuibhreannachadh had been rationed
stùirc scowl
marsantan merchants
Labhraiche an Taigh nan Cumantan Speaker of the House of Commons
lèabaran piles (of papers)
cealgaireachd cheating
tacaid tack/pin
fear an taighe master of ceremonies (MC)
mar udalan like a swivel
corra-biod tiptoes
maoth delicate, soft
cuimir shapely
polcan blouse
ag atharrais imitating
fuaim an t-subhachais the sound of merriment
roghainneach selected
fearas-mhòr agus moit pomp and pride
gonadh oirre! curse her!
gòralas nonsense
a’ brìodal flattering