
Tha Acair air leth toilichte innse gun robh oidhche shoirbheachail aca aig Na Duaisean Litreachais 2024 a chaidh an cumail ann an Cottiers, Glaschu an-raoir.
Cha b’ e aon leabhar a-mhàin a chaidh ainmeachadh air na geàrr-liostaichean airson cuirm nan duaisean ach còig!
Chaidh Tìgear an Iomagain a chaidh eadar-theangachadh le Mòrag Stiùbhairt ainmeachadh an toiseach mar bhuannaiche Duais Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh. Chaidh Tìgear an Iomagain fhoillseachadh san t-Samhain an-uiridh mar phàirt de na leabhraichean Bookbug a bhios Acair a’ foillseachadh ann an com-pàirteachas le Urras Leabhraichean na h-Alba. ‘S e sgeulachd dòigheil, dòchasach a th’ ann a tha cho freagarrach gu sèimheachadh iomagain beag is mòr, a’ sealltainn dòighean air inntinn a chur aig fois.
Cha b’ urrainn do Mhòraig a bhith an làthair aig cuirm nan duaisean ach thuirt i: “’S e roinn shònraichte a tha ann an leabhraichean Gàidhlig do chloinn agus bha Tìgear an Iomagain ann an cuideachd iongantach air a’ gheàrr-liosta. Bha e na mhòr thlachd dhòmhsa an leabhar eireachdail seo eadar-theangachadh do dh’Acair. Tha na dealbhan cho brèagha is tarraingeach ach còmhla ris a sin, tha an stòiridh air cuspair a tha a’ sìor fhàs cudromach do chloinn anns an t-saoghal a th’ ann.”
Chaidh Gach Seòrsa Caraid, le eadar-theangachadh le Dolina Nicleòid agus Na Còig Mathain le eadar-theangachadh le Alasdair Caimbeul, ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais an Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh cuideachd.
Bha dà leabhar Acair air an ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein; Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin deasaichte le Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill agus Iseabail NicGill-Eain agus Women of the Hebrides | Ban-eileanaich Innse Gall le Joni Bhochanan.
Na bhriathran fhèin, ann an Gàidhlig, tha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a’ bruidhinn mu na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha e a’ bruidhinn air cànan, eachdraidh, poilitigs, cogadh agus gaol, cuspairean cudromach na bheatha. Tha an leabhar sònraichte seo stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach.
Tha eisimpleirean dhiubh pailt san leabhar, mar a tha eisimpleirean den bhàrdachd aige fhèin. Tha iomadh dealbh ann de theaghlach Shomhairle, a shinnsearan, a cho-aoisean agus tachartasan aig an robh e, le dealbhan àlainn de chruthan-tìre Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich a thogadh le mac a bhràthar, Cailean MacIllEathainn. An cois an leabhair, tha CD de dh’òrain a bha measail san teaghlach air an seinn le nighean Shomhairle, Catriona NicDhòmhnaill.
Chaidh Women of the Hebrides | Ban-eileanaich Innse Gall a sgrìobhadh le Joni Bhochanan, à sgìre Ùige ann an Leòdhas. ‘S e leabhar air leth a tha seo, làn sgeulachdan bhoireannaich nan Eilean Siar, bho Nis ann an Leòdhas gu Barraigh agus iad ag innse mu na cuimhneachain aca fhèin air na rinn, na choilean agus na dh’fhulaing iad thar nam bliadhnaichean.
Bho chlann-nighean an sgadain, gu a bhith ag obair air a’ chlò, feadhainn aca ann am Bletchley Park aig àm a’ chogaidh agus feadhainn eile ag obair mar thaic do theaghlaichean beartach leithid na Roosevelts, cha mhòr gu bheil càil ann nach eil a’ nochdadh!
‘S i Joni Bhochanan a shoirbhich air an oidhche agus i air Duais Dhòmhnaill Meek a thogail airson a h-obair, nach gann, a rinn i le Women of the Hebrides | Ban-eileanaich Innse Gall.
A’ togail a duais, thuirt Joni: “Tha an duais, mar an leabhar fhèin, mar mholadh air boireannaich an eilein air a bheil e a’ comharrachadh. B’ e sochair air leth a bh’ ann an cothrom na sgeulachdan aca innse agus tha mi toilichte gu bheil daoine eile air a bhith den bheachd gu bheil an leabhar a’ lìonadh beàrn fad-ùine ann an litreachais eileanach agus Gàidhlig.”
Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha e na urram mòr dhuinn an seo aig Acair gun robh leabhar sam bith air ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta, ach gu h-àraid gun robh còig de na leabhraichean againn air an ainmeachadh! Cha bhiodh leabhraichean idir againn mura biodh na h-ùghdaran a tha a’ sgrìobhadh na h-obraichean prìseil seo no gu dearbh an taic a tha sinn a’ faighinn bho dhiofar bhuidhnean eile – leithid Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.”
“Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do mhuinntir Chomhairle nan Leabhraichean airson an aithne a thoirt do na leabhraichean sgoinneil seo agus do na h-ùghdaran a bhan nan luib. Tha e cho cudromach gun tèid sgrìobhadh Gàidhlig aithneachadh anns an aon dòigh ri sgrìobhadh Beurla agus tha sinn a’ faicinn barrachd is barrachd leabhraichean dà-chànanach a’ soirbheachadh.”
Gheibhear lorg air na leabhraichean air fad a bha air an ainmeachadh gu h-àrd air ar làrach lìn – www.acairbooks.com
