Unnad – Indigenous

unnad indegenous photography book

Tha Acair toilichte innse mun ath leabhar aca a bhios iad a’ foillseachadh an ath mhìos.

Tha sinn air ar dòigh Unnad – Indigenous le Calum Angus MacAoidh fhoillseachadh air Diardaoin 24.10.2024. Stèidhichte air an taisbeanadh soirbheachail a bh’ aig An Lanntair thar mìosan an t-Samhraidh, tha an leabhar eireachdail seo a’ tarraing ri chèile cuid de ealain Chalum Angus le stòras de dh’ fhiosrachadh air na smuaintean a bh’ aige air cùlaibh gach pìos, eachdraidh a bheatha fhèin agus fiosrachadh air an iomadh rud a thug buaidh air obair thar nam bliadhnaichean.

Tha Unnad – Indigenous dà-chànanach agus a’ Ghàidhlig ‘s a’ Bheurla a’ ruith taobh seach taobh.

Thèid tachartas sònraichte a chumail aig An Lanntair mar phàirt de dh’ Fhèis Faclan – fèis litreachais a bhios aig an ionad ealain ionadail gach bliadhna. Bidh seo a’ gabhail àite air Diardaoin (24.10.2024) aig 8:15f. Thèid agaibh air Calum Angus a chluinntinn a’ bruidhinn mun leabhar agus an t-slighe a bh’ aige gus a sgrìobhadh. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile.

Thuirt Angus Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn cho toilichte Unnad – Indigenous fhoillseachadh agus taic a chur ri neach-ealain ionadail, aig tachartas ionadail agus aig Fèis litreachais ionadail! Tha gach rud a’ toirt togail do dh’ inbhe an àite agus dha rìreabh do dh’ obair Acair agus tha sinn uabhasach pròiseil den co-obrachadh a th’ againn le diofar bhuidhnean gus seo a thoirt gu buil.”

“Nam dhealbhadair, agus nam dhreuchd phroifeasanta mar stiùiriche cruthachail aig companaidh telebhisean, bha mi a-riamh mothachail gun robh mi air mo chuairteachadh le beatha agus beartas sgeulachdan dhaoine eile. Gun teagamh, ’s e suidheachadh fallain a bh’ ann. Ach, bha mi a’ coimhead latha a’ tighinn far am faighinn cothrom eile mo bheachdan cruthachail fhèin a thaisbeanadh. Seo far a bheil mi air ruighinn.” – Calum Angus MacAoidh

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Alba Chruthachail agus Maoin nan Ealain Gàidhlig airson an cuid taic agus maoineachadh.

Unnad – Indigenous, 240 duilleag, Hardback, £22