Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin

Tha Acair uabhasach fhèin toilichte innse gu bheil leabhar Acair air ainmeachadh air geàrr-liosta an Saltire Society airson Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2024.

Chaidh Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin le Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill agus Iseabail NicGill-Eain ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais leabhar rannsachaidh.

Chaidh Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin fhoillseachadh san t-Sultain an uiridh.

Na bhriathran fhèin, ann an Gàidhlig, tha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a’ bruidhinn mu na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha e a’ bruidhinn air cànan, eachdraidh, poilitigs, cogadh agus gaol, cuspairean cudromach na bheatha. Tha an leabhar sònraichte seo stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach.

Tha eisimpleirean dhiubh pailt san leabhar, mar a tha eisimpleirean den bhàrdachd aige fhèin. Tha iomadh dealbh ann de theaghlach Shomhairle, a shinnsearan, a cho-aoisean agus tachartasan aig an robh e, le dealbhan àlainn de chruthan-tìre Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich a thogadh le mac a bhràthar, Cailean MacIllEathainn. An cois an leabhair, tha CD de dh’òrain a bha measail san teaghlach air an seinn le nighean Shomhairle, Catriona NicDhòmhnaill.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha Acair air leth toilichte gu bheil Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin air a’ gheàrr-liosta airson Duais Leabhar Rannsachaidh aig Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba 2024. Chan urrainnear luach eachdraidheil an leabhair seo a thomhas agus tha sinn uabhasach toilichte gun deach sin aithneachadh agus e air a’ gheàrr-liosta airson na duais chliùiteach seo.”

“Tha e na urram mòr dhuinn an seo aig Acair nuair a thèid leabhraichean Acair an aithneachadh aig duaisean ach ‘s e urram nas motha buileach a th’ ann gun deach leabhar Acair ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson na duaisean chliùiteach seo airson an dàrna bliadhna. Tha seo na adhbhar brosnachaidh dhuinn uile agus dhan a h-uile foillseachair, ùghdar agus neach-leughaidh an luib saoghal foillseachaidh Gàidhlig. Tha sinn air ar ainmeachadh ri taobh leabhraichean Beurla agus tha sin na thogail dhuinn uile.”

“Cha bhiodh leabhraichean idir againn mur a biodh na h-ùghdaran a tha a’ sgrìobhadh na h-obraichean phrìseil seo no gu dearbh an taic a tha sinn a’ faighinn bho diofar bhuidhnean eile – leithid Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.”