
Tha Acair air bhioran fios a sgaoileadh mun ath leabhar a bhios iad a’ foillseachadh air 31.03.2025. Chaidh Ailig agus an Dalek Gàidhlig a sgrìobhadh le Shelagh Chaimbeul agus ’s e seo a’ chiad leabhar chloinne aice.
Tha tidsear Ailig a’ cur partaidh Shamhna air dòigh agus feumaidh e a dhol ann mar charactar aig a bheil Gàidhlig. Chan eil ùidh aig Ailig ann an caractar sam bith, ge-tà, ach iadsan ceangailte ri Doctor Who, agus tha e a’ cur roimhe gun tèid e ann mar Dhalek.
Tha e air culaidh-choimheach a dhèanamh, ach tha aon rud a dhìth air mus leig Mam leis a dhol ann – feumaidh e dearbhadh gu bheil Gàidhlig aig na Daleks. Nis, dè am facal Gàidhlig airson ‘exterminate’?
Thèid sreath thachartasan an cumail ann an Leòdhas le Shelagh a’ tadhal air sgoiltean air 24.04 agus 25.04 gus bruidhinn ri na sgoilearan mun leabhar ùr aice le cur air bhog oifigeil a’ gabhail àite ann an Leabharlann Steòrnabhaigh air Disathairne (26.04.2025) aig 11m. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile! Bidh tachartasan a’ gabhail àite ann an Glaschu cuideachd thar na mìosan a tha romhainn.
Thuirt Shelagh Chaimbeul, ùghdar an leabhair: “Tha mi a’ dèanamh fiughair ri Ailig agus an Dalek Gàidhlig fhaicinn ann an clò – chòrd e rium gu mòr a bhith ga sgrìobhadh agus tha na dealbhan sgoinneil a rinn Merrill MacWilliam a’ toirt an sgeulachd beò. Tha mi cho toilichte gun tèid fhoillseachadh le Acair, a tha air obair air leth a dhèanamh air, agus bidh e glè mhath a chur air bhog ann an Steòrnabhagh, agus a bhith a’ tadhail air sgoiltean agus leabharlannan anns a’ Ghiblean.”
Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri Ailig agus an Dalek Gàidhlig fhoillseachadh! Tha tarraing mhòr ann do dh’ òigridh le leabhar ùr Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh dhaibhsan agus cuideachd, tha fhios againn gu bheil ùidh mhòr anns na Daleks cuideachd! Tha Shelagh air leabhar air leth a sgrìobhadh ’s tha làn chinnt againn gun còrd e ri clann, agus inbhich!”
Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean agus OH CLLD YLAG Comhairle nan Eilean Siar (Outer Hebrides Community Led Local Development Youth Local Action Group) airson an cuid taic agus maoineachadh.
Ailig agus an Dalek Gàidhlig, 80 duilleag, paperback, Acair, £7.95


