An Staran

An Staran book cover with author photo and photo of those speaking at the launch event. Petra Poncarova, Catriona Dunn, Anne Frater and Ruairidh MacIver.

Bha tachartas soirbheachail aig Acair air Dihaoine (28.02.25) agus iad a’ cur air bhog leabhar ùr, An Staran; Rosg Gàidhlig le Ruaraidh MacThòmais, deasaichte le Petra Poncarova.

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, cruinneachadh de sgeulachdan goirid a dh’fhoillsich MacThòmais, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.

Chaidh tachartas sònraichte a chumail aig Àros an Rubha air Dihaoine (28.02.2025), mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Bha oidhche air leth ann le Petra ann an còmhradh cuide ri Catriona Dunn mun leabhar agus leughaidhean bhon leabhar le Catriona Dunn, Anne Frater agus Ruairidh MacÌomhair.

Thuirt Petra Poncarova, a dheasaich an leabhar: “B’ e toileachas agus urram a bh’ ann An Staran a chur air bhog ann an Àros an Rubha – anns a’ choimhearsnachd far an do thogadh Ruaraidh MacThòmais fhèin, agus cluinntinn mun duine fhèin agus mu cheanglaichean eadar na sgrìobhaidhean aige agus an sgìre bho mhuinntir an àite. Buidheachas do Chomann Eachdraidh an Rubha, bha ìomhaigh MhicThòmais (bust) againn, an clò-sgrìobhadair aige, agus paidhir speuclairean – chan fhaca mi rudan pearsanta aige a-riamh gu ruige seo, agus bha sin cumhachdach. Bha mi air mo dhòigh gun robh tòrr gàireachdainn againn le na sgeulachdan agus pìosan èibhinn – agus gun robh sinn a’ cuimhneachadh MacThòmais mar sgrìobhadair a bha aotrom agus àbhachdach, a bharrachd air na tàlantan eile aige. Tha mi ’n dòchas gum faigh luchd-leughaidh rudeigin ùr anns an leabhar, rudeigin ris nach robh iad an dùil bho MhacThòmais.”

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean agus Urras An Rubha is Sanndabhaig airson an cuid taic agus maoineachadh.

An Staran, 272 duilleag, Paperback, Acair, £12

An Staran

Poster displaying the author's headshot, the jacket of the book in dark green with yellow writing of the title "An Staran". Details of the launch date of Friday 28th February at 7pm.

Tha Acair toilichte innse mun ath leabhar aca a bhios iad a’ foillseachadh air deireadh na mìos.

Tha sinn air ar dòigh An Staran fhoillseachadh air Dihaoine 28.02.2025. ‘S e cruinneachadh a tha seo de rosg le Ruaraidh MacThòmais, nach maireann, air a dheasachadh le Petra Johana Poncarová, a tha air an t-uamhas a sgrìobhadh mun duine sònraichte seo.

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, cruinneachadh de sgeulachdan goirid a dh’fhoillsich MacThòmais, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.

Thèid tachartas sònraichte a chumail aig Àros an Rubha gus an leabhar ùr seo a chur air bhog. Bidh seo a’ gabhail àite air Dihaoine (28.02.2025) aig 7:00f agus e mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Thèid agaibh air Petra a chluinntinn a’ bruidhinn mun leabhar agus an t-slighe a bh’ aice gus a sgrìobhadh, agallamh ghoirid leatha fhèin is Catriona Dunn, agus bidh cothrom ann ceistean fhaighneachd. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile.

Thuirt Aonghas Moireasdan, Manaidsear Acair: “Tha sinn air ar dòigh An Staran fhoillseachadh agus rosg Ruairidh MhicThòmais a chomharrachadh. Tha Petra air obair mhòr a dhèanamh gus na tha seo a tharraing cruinn còmhla agus tha Acair uabhasach pròiseil an leabhar seo fhoillseachadh, mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Fhuair sinn taic maoineachaidh bho Urras An Rubha is Sanndabhaig agus tha e iomchaidh gun tèid an leabhar a chur air bhog san sgìre far an deach Ruaraidh fhèin a thogail.”

Tha Acair taingeil do Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean agus Urras An Rubha is Sanndabhaig airson an cuid taic agus maoineachadh.

An Staran, 272 duilleag, paperback, Acair, £12